We are creating a unified UKRI website that brings together the existing research council, Innovate UK and Research England websites.
If you would like to be involved in its development let us know.

Funding Council provides vital resource for Gaelic language revival

Date: 26/07/2013

The Scottish Funding Council (SFC) is to speed up the development of a ground-breaking, authoritative and comprehensive Scottish Gaelic dictionary with a £2 million funding package.

The dictionary will fully document the Gaelic language and its history by tracing the development of each word from its earliest written form to the present day, and will help to raise the profile of the Gaelic language and heritage. SFC's £2 million will help to accelerate the process with the recruitment of more staff to compile the dictionary as well as buy the software necessary to support their work.

The compilation of the dictionary, Faclair na Gàidhlig, is managed by Sabhal Mòr Ostaig UHI in partnership with the Universities of Aberdeen, Edinburgh, Glasgow and Strathclyde. The aim is to produce a historical dictionary of Gaelic that will be comparable in value and status to dictionaries already available for Scots and English.  It will provide a new understanding of the structure, variations and development of Gaelic through its use in speech, literature, song and place names.

The dictionary will be a fundamental, freely-accessible online resource for the language basing its analysis on a collection of written work of around 30 million words.  It will be an educational tool that meets the needs of all users from those working in Celtic and Gaelic Studies, students, teachers and parents in Gaelic-medium education to everyday Gaelic speakers. It will also improve opportunities for research in linguistics and Scottish history and culture.

The dictionary has been welcomed by academics in Celtic Studies from America (notably Harvard and UCLA), Australia, Germany, Poland, France, and also by the Oxford English Dictionary.

The First Minister Alex Salmond said: The Scottish Government is a strong supporter of our indigenous languages, including Gaelic, and recognises the important cultural and economic benefits that these bring to a vibrant and modern Scotland. We're committed to working with a range of other public bodies to create a secure future for the Gaelic language. The dictionary initiative will play an important part in that work and I'm delighted that this extra funding has been identified to drive forward the project.

John McClelland, Chair of SFC said: The Faclair na Gàidhlig project is vital to securing the future of the Gaelic language and an essential resource for people across the world with an interest in Gaelic and Celtic Studies. We are delighted to work in partnership with Sabhal Mòr Ostaig on this ambitious project to document the entire Gaelic language.

Professor Boyd Robertson, Principal of Sabhal Mòr Ostaig and Convener of the Faclair na Gàidhlig Steering Committee said: The increased investment by the Scottish Funding Council augmented by the subvention of funding from the Research Councils and the continued funding from Bòrd na Gàidhlig, recognises the national significance of this foundational project. The award will expedite preparatory work for the dictionary which will, in time, give Gaelic a resource comparable to the Dictionary of the Older Scottish Tongue and the Oxford English Dictionary.

In addition to SFC's £2 million for the project, the Arts and Humanities Research Council (AHRC) is providing £100,000 and £50,000 is coming from the Economic and Social Research Council (ESRC). Bòrd na Gàidhlig has supported the project since 2004 and currently contributes £75,000 per year.

For further information, please contact Elizabeth Horsburgh, Communications Officer, Tel: 0131 313 6560, email: ehorsburgh@sfc.ac.uk or Lorna Pike, Project Co-ordinator, Faclair na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, Tel: 01471 888273, email: lp.smo@uhi.ac.uk

Comhairle Maoineachaidh na h-Alba a’ toirt stòras riatanach airson ath-bheothachadh na Gàidhlig

Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC) gu bhith a’ cur luaths ann an leasachadh faclair Gàidhlig ùir, ùghdarrasail ’s iomlain le taic-airgid de £2 mhillean.

Bheir am faclair làn iomradh air a’ Ghàidhlig agus a h-eachdraidh le bhith a’ lorg freumh gach facail bho a riochd sgrìobhte a bu tràithe chun an là an-diugh, agus cuidichidh e gus ìomhaigh cànan agus dualchas na Gàidhlig àrdachadh. Bidh an £2 mhillean aig SFC a’ cuideachadh gus cabhag a chur air a’ phròiseas le bhith a’ fastadh barrachd luchd-obrach gus am faclair a chur ri chèile, agus a’ ceannach a’ bhathair-bhuig a tha a dhìth mar thaic do an cuid obrach.

’S e Sabhal Mòr Ostaig a tha a’ stiùireadh co-chruinneachadh an fhaclair, Faclair na Gàidhlig, ann an co-bhann ri Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann, Ghlaschu agus Shrath Chluaidh. Thathar am beachd faclair Gàidhlig eachdraidheil a dhèanamh a bhios coimeasta ris na faclairean a th’ ann cheana aig Albais agus Beurla. Bheir e tuigse às ùr air structar, eadar-dhealachaidhean agus leasachadh na Gàidhlig - le mar a tha i air a cleachdadh ann an cainnt, litreachas, òrain agus ainmean-àite.

’S ann mar phrìomh stòras don chànan a bhios am faclair, ri fhaotainn gu saor-chomasach air-loidhne agus le toradh sgrùdaidh ga bhonntachadh air cruinneachadh de dh’obair sgrìobhaidh anns a bheil mu thuaiream 30 millean facal. Bidh e na ghoireas oideachail a bhios a’ freagairt feuman an luchd-cleachdaidh uile, bhon fheadhainn a tha ag obair ann an roinnean Ceiltis ’s Gàidhlig, oileanaich, tidsearan ’s pàrantan ann am foghlam Gàidhlig gu luchd-labhairt làitheil a’ chànain. Cuideachd, bheir e piseach air cothroman rannsachaidh ann an cànanachas agus eachdraidh ’s cultar na h-Alba.

Chaidh fàilte a chur air an fhaclair le sgoilearan Ceiltis à Ameireaga (Harvard ’s UCLA gu sònraichte), Astràilia, às a’ Ghearmailt, a’ Phòlainn, an Fhraing, agus cuideachd le Faclair Beurla Oxford.

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond: Tha Riaghaltas na h-Alba daingeann na thaic do na cànanan dùthchasach againn, a’ Ghàidhlig nam measg sin, agus tha e ag aithneachadh nam buannachdan cultarail ’s eaconamach àraidh a bheir iad don dùthaich sgairteil, nua-aimsireil seo. Tha sinn rùnaichte obair còmhla ri caochladh bhuidhnean poblach eile gus suidheachadh tèarainte ullachadh don Ghàidhlig anns an àm ri teachd. Bidh pàirt àraidh aig an iomairt fhaclaireachd seo san obair sin agus tha mi air leth toilichte gun deach am barrachd taic-airgid seo a lorg gus am pròiseact a ghluasad air adhart.

Thuirt Cathraiche SFC, John McClelland: Tha pròiseact Faclair na Gàidhlig riatanach gus a’ Ghàidhlig a chur air stèidh thèarainte san àm ri teachd agus tha e na stòras deatamach do dhaoine air feadh an t-saoghail aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig agus Ceiltis. Tha sinn ro thoilichte a bhith ag obair ann an co-bhann ri Sabhal Mòr Ostaig air a’ phròiseact adhartach seo gus eachdraidh iomlan na Gàidhlig a chlàradh.

Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal an t-Sabhail agus Neach-gairm na Comataidh Stiùiridh air Faclair na Gàidhlig: Tha an tuilleadh tasgadh airgid seo le Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, ’s e air a mheudachadh le barantas maoineachaidh bho na Comhairlean Rannsachaidh ’s leis a’ mhaoineachadh leantainneach bho Bhòrd na Gàidhlig, na chomharra de cho cudromach aig ìre nàiseanta ’s a tha am pròiseact bun-stèidheachail seo. Cuiridh an tabhartas luaths ann an obair ullachaidh an fhaclair a bheir, ri tìde, stòras Gàidhlig a tha coimeasta ri Faclair na Seann Theanga Albannaich agus Faclair Beurla Oxford.

A bharrachd air an £2 millean bho SFC don phròiseact, tha Comhairle Rannsachaidh nan Ealan ’s Eòlais Dhaonna (AHRC) a’ tabhann £100,000 agus tha £50,000 a’ tighinn bho Chomhairle an Rannsachaidh Shòisealta ’s Eaconamaich (ESRC). Tha Bòrd na Gàidhlig air taic a chumail ris a’ phròiseact bho 2004 agus tha e a’ cur £75,000 ris gach bliadhna aig an àm seo.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios gu Elizabeth Horsburgh, Oifigear Conaltraidh, Fòn: 0131 313 6560, post-dealain: ehorsburgh@sfc.ac.uk no Lorna Pike, Co-òrdanaiche a’ Phròiseict, Faclair na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, Fòn: 01471 888273, post-dealain: lp.smo@uhi.ac.uk

 

 

Return to news list